https://blog-digitalparliament.scot/doigh-obrach-steidhichte-air-luchd-cleachdaidh-mu-shusbaint-ghaidhlig

Dòigh-obrach Stèidhichte air Luchd-cleachdaidh mu Shusbaint Ghàidhlig

The English version of this blog 'Taking a user centred approach to Gaelic content' was published previously on the website.

Anns a’ Ghearran am-bliadhna chuir sinn a-mach a’ chiad tionndadh de làrach-lìn ùr Pàrlamaid na h-Alba. Is dòcha gun cuala tu gu bheilear a’ gabhail ‘beta’ mar ainm air an làraich ùir seo. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil i deiseil gus am faod am poball is an luchd-obrach a cleachdadh agus beachdan a thoirt air ais ach is e obair a tha ann a tha fhathast a’ dol air adhart.

Tha an teicneòlas ceangailte ris an làraich-lìn ùir seo cuideachd air feabhas a thoirt air comas ioma-chànanach an taca ris an làraich a tha ann an-dràsta. Tha sinn air tòiseachadh a-nis air earrannan sònraichte den làraich a chur gu Gàidhlig. Thòisich sinn leis na putain is gnìomhan coitcheann air na duilleagan a bharrachd air an duilleig-dhachaigh Beta.

Tha sinn cuideachd air na giorrachaidhean air bilean a dh’fhoillsichear air làrach Bheta eadar-theangachadh. Tha fios againn bhon rannsachaidh Top Task againn mu luchd-cleachdaidh gun do dh’innis luchd-cleachdaidh dhuinn gur e reachdas an gnìomh as cudromaiche do luchd-cleachdaidh agus tha fios againn gun do dh’innis an luchd-cleachdaidh dhuinn gur h-e giorrachaidhean air bilean aonan de na pàirtean as cudromaiche den t-subsaint mu reachdas. A’ cur an  eòlais seo an gnìomh, chuir sinn romhainn feadhainn de na giorrachaidhean air na bilean againn a chur gu Gàidhlig, nam measg seo tha Bile Còmhdhail (Alba) agus Bile nan Rathaidean Cuingealaichte (Crìoch-astair 20m san uair) (Alba)

 

The bill summary in Gaelic

Glacadh-sgrìn den ghiorrachadh air Bile Còmhdhail Alba ann an Gàidhlig.

Bhiodh e na chuideachadh barrachd lèirsinn fhaighinn bhon luchd-chleachdaidh Ghàidhlig againn a dh’innse dhuinn dè cho feumail agus a tha e giorrachaidhean bhilean ann an Gàidhlig a bhith rim faotainn air làrach Bheta againn. Ma tha thu ag iarraidh beachdan a nochdadh mun stuth ùr Ghàidhlig air Beta, nach cuir thu fios gu  gaidhlig@scottish.parliament.uk no webteam@parliament.scot